Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 2:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thaitinn an òigh ris, agus fhuair i coibhneas na làthair, agus rinn e deifir gus a nithean airson glanaidh, agus na bhuineadh dhi, a thabhairt da h‑ionnsaigh, agus gu seachd maighdeannan iomchaidh a thabhairt dhi à taigh an rìgh; agus chuir e i fhèin agus a maighdeannan don àit a b’fheàrr de thaigh nam ban.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Ach bha an Tighearna maille ri Iòseph, agus nochd e tròcair dha, agus thug e dha deagh-ghean ann an sùilean fear-gleidhidh a’ phrìosain.

Agus fhuair Iòseph deagh-ghean na shealladh, agus rinn e seirbhis dha; agus rinn e e na fhear-riaghlaidh air a thaigh, agus gach nì a bha aige chuir e fo a làimh.

Agus maith dod shluagh a pheacaich ad aghaidh, agus an easaontais uile a rinn iad ad aghaidh, agus faigh truas dhaibh an làthair na muinntir a thug leo nam braighdean iad, a‑chum gun gabh iad truas riu:

Chaidh Esra seo suas o Bhàbilon, agus e na sgrìobhaiche deas ann an lagh Mhaois, a thug an Tighearna, Dia Israeil, seachad: agus thug an rìgh dha a iarrtas uile, a chionn gu robh làmh an Tighearna a Dhia air.

Agus litir gu Asaph, fear-gleidhidh frìth an rìgh, a‑chum gun toir e dhomh fiodh a dhèanamh sailthean airson geatachan na lùchairt a bhuineas don taigh, agus airson balla a’ bhaile, agus airson an taighe don tèid mi. Agus thug an rìgh dhomh, a rèir làmh mhath mo Dhè orm.

Agus nuair a thàinig àm gach òighe gu dol a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh Ahasueruis, an dèidh dhi a bhith dà‑mhìos-dheug a rèir gnàth nam ban (oir mar sin choileanadh làithean an glanaidh, sia mìosan le ola mirr, agus sia mìosan le luibhean cùbhraidh, agus le nithean eile a‑chum glanadh nam ban),

Agus òrdaicheadh an rìgh luchd-riaghlaidh ann an uile mhòr-roinnean a rìoghachd, agus cruinnicheadh iad na h‑òighean òga sgiamhach uile gu Susan an lùchairt, gu taigh nam ban, fo làimh Hegai, caillteanach an rìgh, fear-gleidhidh nam ban; agus thugar dhaibh na nithean airson an glanaidh.

Agus nuair a chunnaic an rìgh Ester a’ bhànrighinn na seasamh anns a’ chùirt, fhuair i deagh-ghean na shealladh: agus shìn an rìgh a‑mach gu Ester an t‑slat-òir rìoghail a bha na làimh: agus thàinig Ester am fagas, agus bhean i ri bàrr na slaite.

Agus fhuair e truas dhaibh ann an sealladh na muinntir sin a thug leo nam braighdean iad.

Nuair a ghabhas an Tighearna tlachd ann an slighean duine, bheir e air a naimhdean fhèin a bhith ann an sìth ris.

A‑nis thug Dia do Dhaniel deagh-ghean agus coibhneas gràdhach o uachdaran nan caillteanach.

Agus shaor e e as a thriobhlaidean uile, agus thug e deagh-ghean agus gliocas dha an làthair Phàraoh rìgh na h‑Eiphit; agus chuir e e na uachdaran air an Eiphit, agus air a theaghlach fhèin uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan