Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 2:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chualas àithne an rìgh agus a òrdagh, agus nuair a chruinnicheadh iomadh òigh gu Susan an lùchairt, gu bhith fo làimh Hegai, thugadh Ester mar an ceudna gu taigh an rìgh, gu bhith fo làimh Hegai, fear-gleidhidh nam ban.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

3 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a thàinig àm Esteir, nighean Abihail, bràthair-athar Mhordecai (a ghabh da ionnsaigh i mar a nighean fhèin) gu dol a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, cha d’iarr i nì air bith ach na dh’òrdaich Hegai, caillteanach an rìgh, fear-gleidhidh nam ban: agus fhuair Ester gean-math nan sùilean-san uile a dh’amhairc oirre.

Agus òrdaicheadh an rìgh luchd-riaghlaidh ann an uile mhòr-roinnean a rìoghachd, agus cruinnicheadh iad na h‑òighean òga sgiamhach uile gu Susan an lùchairt, gu taigh nam ban, fo làimh Hegai, caillteanach an rìgh, fear-gleidhidh nam ban; agus thugar dhaibh na nithean airson an glanaidh.

Agus chunnaic mi ann an aisling (agus thàrladh nuair a chunnaic mi, gu robh mi ann an Susan, an lùchairt, a tha ann am mòr-roinn Elaim), agus chunnaic mi ann an aisling, agus bha mi aig abhainn Ulai.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan