Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 2:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A thugadh air falbh o Ierusalem leis a’ bhraighdeanas a thugadh air falbh maille ri Ieconiah rìgh Iùdah, a thug Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin air falbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh Iehoiachin rìgh Iùdah a‑mach a dh’ionnsaigh rìgh Bhàbiloin, e fhèin agus a mhàthair, agus a sheirbhisich, agus a cheannardan, agus a chaillteanaich: agus ghlac rìgh Bhàbiloin e anns an ochdamh bliadhna de a rìoghachadh.

Agus chaidil Iehoiacim maille ra athraichean: agus rìghich Iehoiachin a mhac na àite.

Agus iadsan a chaidh as on chlaidheamh thug e leis do Bhàbilon, far an robh iad nan seirbhisich aige fhèin agus aig a mhic, gus an do rìghich rìgh Phersia:

Mar as beò mise, deir an Tighearna, ged b’e Coniah mac Iehoiacim rìgh Iùdah, am fàinne air mo làimh dheis, gidheadh as a sin dhèanainn do spìonadh;

An dealbh suarach briste an duine seo Coniah? No an soitheach e anns nach eil aig aon neach tlachd? Cuime a bheil iad air an tilgeadh a‑mach, e fhèin agus a shliochd, agus air an iomain gu tìr anns nach eil iad eòlach?

Dh’fhoillsich an Tighearna dhomh, agus, feuch, dà chliabh fhìgean air an cur fa chomhair teampall an Tighearna, an dèidh do Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, Ieconiah mac Iehoiacim rìgh Iùdah, agus maithean Iùdah, agus an luchd-ealain, agus na h‑airm-cheàird, a thoirt air falbh ann am braighdeanas o Ierusalem, agus an toirt leis gu Bàbilon:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan