Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 2:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bha Iùdhach àraidh ann an Susan an lùchairt dom b’ainm Mordecai, mac Iair, mhic Shimei, mhic Chis, duine de Bheniàmin,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a thàinig rìgh Daibhidh gu Bahurim, feuch, à sin thàinig a‑mach duine de theaghlach taigh Shauil, dom b’ainm Simei, mac Ghera; thàinig e a‑mach, a’ teachd air aghaidh agus a’ mallachadh.

Agus chaidh Iehoiachin rìgh Iùdah a‑mach a dh’ionnsaigh rìgh Bhàbiloin, e fhèin agus a mhàthair, agus a sheirbhisich, agus a cheannardan, agus a chaillteanaich: agus ghlac rìgh Bhàbiloin e anns an ochdamh bliadhna de a rìoghachadh.

Agus thug e leis Iehoiachin do Bhàbilon, agus màthair an rìgh, agus mnathan an rìgh, agus a chaillteanaich, agus daoine cumhachdach na tìre; iad sin thug e leis am braighdeanas, o Ierusalem do Bhàbilon.

Anns na làithean sin, nuair a shuidh rìgh Ahasuerus air rìgh-chathair a rìoghachd, a bha ann an Susan an lùchairt;

Oir b’e Mordecai an t‑Iùdhach a b’fhaisge do rìgh Ahasuerus: agus bha e mòr am measg nan Iùdhach, agus taitneach do mhòr-chuideachd a bhràithrean, ag iarraidh maith da shluagh, agus a’ labhairt sìth ra shliochd uile.

Agus òrdaicheadh an rìgh luchd-riaghlaidh ann an uile mhòr-roinnean a rìoghachd, agus cruinnicheadh iad na h‑òighean òga sgiamhach uile gu Susan an lùchairt, gu taigh nam ban, fo làimh Hegai, caillteanach an rìgh, fear-gleidhidh nam ban; agus thugar dhaibh na nithean airson an glanaidh.

Agus biodh an òigh a thaitneas ris an rìgh na bànrighinn an àite Bhasti. Agus thaitinn an nì ris an rìgh, agus rinn e mar sin.

A‑nis an treas là chuir Ester oirre a culaidh rìoghail, agus sheas i anns a’ chùirt a b’fhaide a‑staigh de thaigh an rìgh, fa chomhair taigh an rìgh: agus bha an rìgh na shuidhe air a rìgh-chathair anns an taigh rìoghail, fa chomhair geata an taighe.

Agus bha duine de Bheniàmin dom b’ainm Cis, mac Abieil, mhic Sheroir, mhic Bhechorait, mhic Aphiah, Beniàmineach, duine treun ann an neart.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan