Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 2:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin rinn an rìgh fleadh mòr da uachdarain uile agus da sheirbhisich, fleadh Esteir: agus thug e saorsa do na mòr-roinnean, agus thug e seachad tìodhlacan, mar a bu chubhaidh don rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus chruinnich Làban cuideachd daoine an àit uile, agus rinn e cuirm.

Agus chiùinich na Lèbhithich an sluagh uile, ag ràdh, Bithibh nur tosd, oir tha an là naomh, agus na bithibh ri bròn.

Agus thug iad deoch seachad ann an soithichean òir, agus na soithichean eu‑cosmhail ri chèile, agus fìon rìoghail ann am pailteas, mar a thigeadh don rìgh.

A rèir nan làithean anns an d’fhuair na h‑Iùdhaich fois on naimhdean, agus a’ mhìos a dh’iompaicheadh dhaibh o thùirse gu aoibhneas, agus o bhròn gu àm math; gun dèanadh iad iad nan làithean cuirme, agus aoibhneis, agus a chur chuibhreann a‑chum a chèile, agus thìodhlacan a‑chum nam bochd.

Rachaibh a‑mach, a nigheanan Shioin, agus faicibh Rìgh Solamh leis a’ chrùn leis an do chrùn a mhàthair e air là a phòsaidh, agus air là subhachas a chridhe.

Tha mi air teachd dom lios, a phiuthar, a chèile; thionail mi mo mhirr maille rim spìosraidh; dh’ith mi mo chìr-mheala maille rim mhil; dh’òl mi m’fhìon maille rim bhainne. Ithibh, a chàirdean, òlaibh, seadh, òlaibh gu pailt, a luchd mo ghràidh.

Is cosmhail rìoghachd nèimh ri rìgh àraidh, a rinn cuirm phòsaidh da mhac fhèin;

Agus air teachd do là iomchaidh, rinn Herod, air co‑ainm an là anns an do rugadh e, suipear da uaislean agus da àrd-cheannardan, agus do mhaithean Ghalile:

Nuair a gheibh thu cuireadh o neach air bith a‑chum bainnse, na suidh anns a’ chiad àit; air eagal gun d’fhuair duine as urramaiche na thusa cuireadh uaithe;

Agus nì luchd-àiteachaidh na talmhainn gàirdeachas os an cionn, agus bidh iad subhach, agus cuiridh iad tìodhlacan a dh’ionnsaigh a chèile; do bhrìgh gun do phian an dà fhàidh seo iadsan a bha a chòmhnaidh air an talamh.

Agus thubhairt e rium, Sgrìobh, Is beannaichte iadsan a tha air an cuireadh gu suipear-bainnse an Uain. Agus thubhairt e rium, Is iad seo briathran fìrinneach Dhè.

Feòraich ded òganaich, agus innsidh iad dhut: faigheadh, matà, na h‑òganaich deagh-ghean ad shùilean, oir air là math thàinig sinn: thoir, guidheam ort, dod sheirbhisich agus dod mhac Daibhidh ge bè nì a thig a dh’ionnsaigh do làimhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan