Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 2:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghràdhaich an rìgh Ester os cionn nam ban uile, agus fhuair i gean-math agus coibhneas na làthair os cionn nan òighean uile; agus chuir e an crùn rìoghail air a ceann, agus rinn e na bànrighinn i an àite Bhasti.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Bhasti a’ bhànrighinn a thoirt an làthair an rìgh leis a’ chrùn rìoghail, a nochdadh don t‑sluagh agus do na h‑uachdarain a sgèimhe; oir bha i maiseach ri amharc oirre.

Agus thugadh Ester a dh’ionnsaigh an rìgh Ahasueruis, a dh’ionnsaigh a thaighe rìoghail, anns an deicheamh mìos (is e sin mìos Thebeit) anns an t‑seachdamh bliadhna de a rìoghachadh.

Oir ma bhios tusa gu tur ad thosd anns an àm seo, thig lasachadh agus saorsa do na h‑Iùdhaich o àit eile; ach sgriosar thusa agus taigh d’athar: agus cò aig a bheil fhios nach ann airson a leithid seo de àm a thàinig thu don rìoghachd?

Thugar an làthair a’ chulaidh rìoghail a chuireas an rìgh air, agus an t‑each air am marcaich an rìgh, agus an crùn rìoghail a chuirear air a cheann:

Mar shruthan uisgeachan tha cridhe rìgh ann an làimh an Tighearna: ge bè taobh as àill leis, tionndaidhidh e e.

Agus aithnichidh uile chraobhan na machrach gun tug mise, Iehòbhah, a‑nuas an crann àrd, gun d’àrdaich mi an crann ìosal, gun do rinn mi an crann uaine tioram, agus gun tug mi air a’ chrann thioram a bhith fo bhlàth: mise Iehòbhah labhair, agus nì mi e.

Togaidh e am bochd on duslach: on òtrach togaidh e suas am feumach, gan cur nan suidhe maille ri uachdarain, agus a thoirt orra cathair glòire a shealbhachadh; oir is leis an Tighearna bunaitean na talmhainn, agus shuidhich e an domhan orra.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan