Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 2:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thugadh Ester a dh’ionnsaigh an rìgh Ahasueruis, a dh’ionnsaigh a thaighe rìoghail, anns an deicheamh mìos (is e sin mìos Thebeit) anns an t‑seachdamh bliadhna de a rìoghachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a rìghich Ahasuerus, ann an toiseach a rìoghachaidh, sgrìobh iad litir-chasaid an aghaidh luchd-àiteachaidh Iùdah agus Ierusaleim.

Agus thàinig e gu Ierusalem anns a’ chòigeamh mìos, a bha anns an t‑seachdamh bliadhna den rìgh.

An dèidh nan nithean sin, nuair a thraogh fearg an rìgh Ahasueruis, chuimhnich e air Bhasti, agus na rinn i, agus na dh’àithneadh na h‑aghaidh.

Agus nuair a thàinig àm Esteir, nighean Abihail, bràthair-athar Mhordecai (a ghabh da ionnsaigh i mar a nighean fhèin) gu dol a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, cha d’iarr i nì air bith ach na dh’òrdaich Hegai, caillteanach an rìgh, fear-gleidhidh nam ban: agus fhuair Ester gean-math nan sùilean-san uile a dh’amhairc oirre.

Agus ghràdhaich an rìgh Ester os cionn nam ban uile, agus fhuair i gean-math agus coibhneas na làthair os cionn nan òighean uile; agus chuir e an crùn rìoghail air a ceann, agus rinn e na bànrighinn i an àite Bhasti.

Agus òrdaicheadh an rìgh luchd-riaghlaidh ann an uile mhòr-roinnean a rìoghachd, agus cruinnicheadh iad na h‑òighean òga sgiamhach uile gu Susan an lùchairt, gu taigh nam ban, fo làimh Hegai, caillteanach an rìgh, fear-gleidhidh nam ban; agus thugar dhaibh na nithean airson an glanaidh.

Uime sin ghairmeadh sgrìobhaichean an rìgh air an àm sin anns an treas mìos (is e sin mìos Shibhain), air an treas-là‑fichead dheth; agus sgrìobhadh, a rèir gach nì a dh’àithn Mordecai, a‑chum nan Iùdhach, agus a‑chum an àrd-luchd-riaghlaidh, agus nan ceannard agus uachdaran nam mòr-roinn a tha o India gu Etiopia, ceud, fichead agus seachd mòr-roinn a‑chum gach mòr-roinne a rèir an sgrìobhaidh, agus a‑chum gach sluaigh a rèir an cànain, agus a‑chum nan Iùdhach a rèir an sgrìobhaidh, agus a rèir an cànain.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan