Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 2:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air feasgar chaidh i a‑steach, agus anns a’ mhadainn thill i gu dara taigh nam ban, fo làimh Shaasgais, caillteanach an rìgh, fear-gleidhidh nan coileabach: cha tàinig i a‑steach tuilleadh a dh’ionnsaigh an rìgh, mura do ghabh an rìgh tlachd dhi, agus gun do ghairmeadh i air a h‑ainm.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus cha do chuir an t‑òganach dàil anns an nì a dhèanamh, a chionn gu robh tlachd aige ann an nighinn Iàcoib: agus bha e na b’urramaiche na taigh a athar uile.

An sin mar seo thàinig gach òigh a dh’ionnsaigh an rìgh: gach nì a dh’iarr i thugadh dhi gu dol a‑steach leatha à taigh nam ban gu taigh an rìgh.

Agus nuair a thàinig àm Esteir, nighean Abihail, bràthair-athar Mhordecai (a ghabh da ionnsaigh i mar a nighean fhèin) gu dol a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, cha d’iarr i nì air bith ach na dh’òrdaich Hegai, caillteanach an rìgh, fear-gleidhidh nam ban: agus fhuair Ester gean-math nan sùilean-san uile a dh’amhairc oirre.

Tha fhios aig seirbhisich an rìgh uile, agus aig sluagh mòr-roinnean an rìgh, ge bè air bith fear no bean a thèid a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh don chùirt as fhaide a‑staigh, air nach goirear, gu bheil aon lagh aige a chur gu bàs, ach a‑mhàin esan don sìn an rìgh a‑mach a shlat-òir rìoghail, a‑chum gum bi e beò; ach cha do ghoireadh ormsa teachd a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh na deich-là‑fichead seo.

Ach a‑nis mar seo deir an Tighearna a chruthaich thu, O Iàcoib, agus a dhealbh thu, O Israeil; Na biodh eagal ort, oir shaor mise thu; ghairm mi thu air d’ainm; is leamsa thu.

Air sgàth Iàcoib m’òglach, agus Israeil a roghnaich mi, ghairm mi eadhon air d’ainm thu; thug mi sloinneadh ort, agus thu aineolach orm.

Ach mura bi tlachd agad innte, an sin leigidh tu leatha dol far an àill leatha, ach cha reic thu idir air airgead i, cha mhò a nì thu aintighearnas oirre, a chionn gun d’ìslich thu i.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan