Agus nuair a thàinig àm gach òighe gu dol a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh Ahasueruis, an dèidh dhi a bhith dà‑mhìos-dheug a rèir gnàth nam ban (oir mar sin choileanadh làithean an glanaidh, sia mìosan le ola mirr, agus sia mìosan le luibhean cùbhraidh, agus le nithean eile a‑chum glanadh nam ban),
Air feasgar chaidh i a‑steach, agus anns a’ mhadainn thill i gu dara taigh nam ban, fo làimh Shaasgais, caillteanach an rìgh, fear-gleidhidh nan coileabach: cha tàinig i a‑steach tuilleadh a dh’ionnsaigh an rìgh, mura do ghabh an rìgh tlachd dhi, agus gun do ghairmeadh i air a h‑ainm.