Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 2:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thàinig àm gach òighe gu dol a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh Ahasueruis, an dèidh dhi a bhith dà‑mhìos-dheug a rèir gnàth nam ban (oir mar sin choileanadh làithean an glanaidh, sia mìosan le ola mirr, agus sia mìosan le luibhean cùbhraidh, agus le nithean eile a‑chum glanadh nam ban),

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus gach là bha Mordecai ag imeachd fa chomhair cùirt taigh nam ban, a dh’fhiosrachadh cionnas a bha Ester, agus ciod a dh’èireadh dhi.

An sin mar seo thàinig gach òigh a dh’ionnsaigh an rìgh: gach nì a dh’iarr i thugadh dhi gu dol a‑steach leatha à taigh nam ban gu taigh an rìgh.

Agus òrdaicheadh an rìgh luchd-riaghlaidh ann an uile mhòr-roinnean a rìoghachd, agus cruinnicheadh iad na h‑òighean òga sgiamhach uile gu Susan an lùchairt, gu taigh nam ban, fo làimh Hegai, caillteanach an rìgh, fear-gleidhidh nam ban; agus thugar dhaibh na nithean airson an glanaidh.

Agus thaitinn an òigh ris, agus fhuair i coibhneas na làthair, agus rinn e deifir gus a nithean airson glanaidh, agus na bhuineadh dhi, a thabhairt da h‑ionnsaigh, agus gu seachd maighdeannan iomchaidh a thabhairt dhi à taigh an rìgh; agus chuir e i fhèin agus a maighdeannan don àit a b’fheàrr de thaigh nam ban.

Rinn mi mo leabaidh cùbhraidh le mirr, alo, agus canal.

Cò ise a tha ag èirigh suas as an fhàsach mar stuaghan deataich, cùbhraidh le mirr agus tùis, le uile mhìn-dhus ceannaiche nan spìosraidh?

Agus an àite deagh fhàile bidh brèine, agus an àite criosa bidh sracadh, agus an àite fuilt air a dheagh-chleachdadh bidh maoile, agus an àite crios-uchd bidh ceanglachan sac-eudaich, agus losgadh an àite maise.

Agus chaidh thu a dh’amharc an rìgh le ola-ungaidh, agus mheudaich thu do bholtraichean; agus chuir thu do theachdairean am fad, agus dh’ìslich thu thu fhèin eadhon gus an uaigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan