Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 2:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha d’innis Ester a sluagh no a luchd-dàimh: oir dh’àithn Mordecai dhi gun innse.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus gach là bha Mordecai ag imeachd fa chomhair cùirt taigh nam ban, a dh’fhiosrachadh cionnas a bha Ester, agus ciod a dh’èireadh dhi.

Cha d’innis Ester fhathast a luchd-dàimh no a sluagh, mar a dh’àithn Mordecai dhi; oir rinn Ester iarrtas Mhordecai, mar a rinn i nuair a dh’àraicheadh i maille ris.

Agus dh’àraich e Hadasah (b’i sin Ester), nighean bràthair a athar, oir cha robh athair no màthair aice; agus bha an òigh maiseach na cruth, agus sgiamhach na gnùis: agus nuair a dh’eug a h‑athair agus a màthair, ghabh Mordecai da ionnsaigh i mar a nighean fhèin.

Agus thubhairt Hàman ri rìgh Ahasuerus, Tha sluagh àraidh ann air an sgaoileadh agus air an roinn am measg an t‑sluaigh ann an uile mhòr-roinnean do rìoghachd, agus tha laghan air leth aca seach gach sluagh, agus chan eil iad a’ coimhead laghan an rìgh; uime sin chan eil e airson leas an rìgh am fulang.

Oir reiceadh sinn, mise agus mo shluagh, gu bhith air ar dìtheachadh, air ar marbhadh, agus air ar lèirsgrios: ach nam b’ann mar thràillean agus mar bhan-tràillean a reiceadh sinn, bhithinn am thosd, ged nach b’urrainn an nàmhaid call an rìgh a dhèanamh suas.

Feuch, cuiridh mise sibhse a‑mach mar chaoraich am measg mhadadh-allaidh: air an adhbhar sin bithibh-se glic mar na nathraichean, agus neo-chronail mar na calamain.

A chlann, bithibh umhail dur pàrantan anns an Tighearna: oir tha seo ceart.

Agus chaidh i sìos don ùrlar-bhualaidh, agus rinn i a rèir gach nì a dh’àithn a màthair-chèile dhi.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan