Air an t‑seachdamh là, nuair a bha cridhe an rìgh subhach le fìon, dh’àithn e do Mhehuman, do Bhista, do Harbona, do Bhigta, agus do Abagta, do Shetar, agus do Charcas, na seachd caillteanaich a fhritheil ann an làthair an rìgh Ahasueruis,
Agus bha an t‑òl a rèir an lagha, gun neach ann a cho-èignicheadh; oir mar sin dh’àithn an rìgh do uile dhaoine mòra a thaighe, gun dèanadh iad mar a b’àill leis gach duine.
Ma fhuair mi deagh-ghean ann an sealladh an rìgh, agus mas math leis an rìgh m’athchuinge a dheònachadh, agus m’iarrtas a dhèanamh, thigeadh an rìgh agus Hàman a dh’ionnsaigh na cuirme a dheasaicheas mi dhaibh, agus a‑màireach nì mi a rèir facal an rìgh.