Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 1:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bha na cùirteanan geal, uaine, agus gorm air an crochadh le còrdan de anart grinn agus de chorcar, air failbheagan airgid, agus puist mharmoir: na leapaichean de òr agus de airgead, air leac-ùrlar de mharmor dearg, agus gorm, agus geal, agus dubh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus thill an rìgh o lios na lùchairt gu taigh cuirm an fhìona; agus bha Hàman air tuiteam air an leabaidh air an robh Ester. Agus thubhairt an rìgh, An èignich e a’ bhànrighinn mar an ceudna am làthair ann am thaigh? Nuair a chaidh am facal à beul an rìgh, chòmhdaich iad aghaidh Hàmain.

Agus chaidh Mordecai a‑mach à làthair an rìgh ann an aodach rìoghail de ghorm agus de gheal, agus le crùn mòr òir, agus le trusgan de anart grinn agus de chorcar: agus rinn baile Shusain gàirdeachas, agus bha e aoibhinn.

Agus nì thu am pàillean le deich cùirteanan de anart grinn toinnte, agus de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid: maille ri ceruban de obair ealanta nì thu iad.

Agus shuidh thu air leabaidh urramaich, agus bòrd ullaichte fa comhair, air an do chuir thu mo bholtrach-sa, agus m’ola.

Agus tha iad gan sìneadh air aodaichean a ghabhadh ann an geall, aig taobh gach altarach; agus tha iad ag òl fìon na muinntir a dhìteadh ann an taigh an diathan.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Amhail a spìonas am buachaille a‑mach à beul an leòmhainn dà chois, no mìr de chluais; mar sin bheirear a‑mach clann Israeil, a tha a chòmhnaidh ann an Samaria, ann an cùil leapa; agus ann an Damascas, air uirigh.

A tha a’ laighe air leapaichean deud-chnàmh, agus gan sìneadh fhèin air an uirighean; a tha ag ithe uain an treud, agus nan laogh à meadhon an taigh-bhiadhaidh:

Ach dhiùlt esan, agus thubhairt e, Chan ith mi: ach cho-èignich a sheirbhisich agus mar an ceudna a’ bhean e; agus dh’èisd e rin guth: agus dh’èirich e on talamh, agus shuidh e air an leabaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan