Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 1:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nuair a nochd e saoibhreas a rìoghachd ghlòrmhoir, agus urram a mhòrachd òirdheirc, rè ceud agus ceithir-fichead là.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

Agus dh’àrdaich an Tighearna Solamh gu ro‑mhòr ann an sealladh Israeil uile, agus thug e mòralachd rìoghail dha nach robh aig rìgh sam bith roimhe ann an Israel.

Anns an treas bliadhna de a rìoghachadh, rinn e cuirm da uachdarain uile, agus da sheirbhisich; agus cumhachd Phersia agus Mhedia, àrd-uaislean agus uachdarain nam mòr-roinn na làthair;

Agus nuair a chrìochnaicheadh na làithean sin, rinn an rìgh don t‑sluagh uile a bha an làthair ann an Susan an lùchairt, eadar mhòr agus bheag, cuirm sheachd làithean, ann an cùirt lios taigh an rìgh.

Sgeadaich thu fhèin a‑nis le mòrachd agus le òirdheirceas, agus èidich thu fhèin le glòir agus maise.

Air urram glòir do mhòrachd agus air d’obraichean iongantach labhraidh mi;

Is mòr a ghlòir trìd do shlàinte-sa; urram agus mòralachd chuir thu air.

Crioslaich do chlaidheamh air do leis, O ghaisgich, led ghlòir agus led mhòralachd.

Tha an Tighearna a’ rìoghachadh, tha e air a sgeadachadh le mòralachd; tha an Tighearna air a sgeadachadh le neart, agus chrioslaich e e fhèin; tha an saoghal mar an ceudna air a dhaingneachadh, a‑chum nach gluaisear e.

Agus rinn Heseciah gàirdeachas air an son; agus dh’fheuch e dhaibh taigh-tasgaidh a nithean luachmhor, an t‑airgead, agus an t‑òr, agus na spìosraidhean, agus an ola luachmhor, agus a thaigh-armachd gu lèir, agus gach uile nì a fhuaireadh na ionmhasan; cha robh nì na thaigh agus na rìoghachd uile nach d’fheuchte dhaibh.

Led ghliocas mòr, agus led mhalairt, mheudaich thu do shaoibhreas, agus tha do chridhe air a thogail suas led bheartas.

Labhair an rìgh agus thubhairt e, Nach i seo Bàbilon mhòr, a thog mise mar thaigh na rìoghachd, le neart mo chumhachd, agus airson onair mo mhòrachd?

Anns an àm sin fhèin thill mo thuigse thugam; agus a‑thaobh glòir mo rìoghachd, thill m’onair agus mo mhòrachd thugam; agus dh’iarr mo chomhairlichean agus mo thighearnan am ionnsaigh; agus bha mi air mo dhaingneachadh ann am rìoghachd, agus thugadh tuilleadh dhomh de mhòrachd òirdheirc.

O thusa a rìgh, thug an Dia as àirde do Nebuchadnesar d’athair rìoghachd, agus mòrachd, agus glòir, agus onair.

Thug an diabhal e a‑rìs a‑chum beinne ro‑àird, agus nochd e dha uile rìoghachdan an domhain, agus an glòir;

Agus na leig ann am buaireadh sinn; ach saor sinn o olc: oir is leatsa an rìoghachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir, gu sìorraidh. Amen.

Agus a‑chum gun dèanadh e aithnichte saoibhreas a ghlòire air soithichean na tròcair, a dh’ullaich e ro‑làimh a‑chum glòire,

Sùilean ur n‑inntinn a bhith air an soillseachadh, a‑chum fios a bhith agaibh ciod e dòchas a ghairme-san, agus ciod e saoibhreas glòir a oighreachd-san anns na naoimh;

Dom bu toil le Dia fhoillseachadh ciod e saoibhreas glòir an rùin-diamhair seo am measg nan Cinneach; neach as e Crìosd annaibhse, dòchas na glòire;

Is airidh thusa, a Thighearna, air glòir, agus urram, agus cumhachd fhaotainn; oir chruthaich thu na h‑uile nithean, agus airson do thoile-sa tha iad ann, agus chruthaicheadh iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan