Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 1:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Anns na làithean sin, nuair a shuidh rìgh Ahasuerus air rìgh-chathair a rìoghachd, a bha ann an Susan an lùchairt;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a shuidh an rìgh na thaigh, agus a thug an Tighearna fois dha o a naimhdean uile mun cuairt,

Agus mar an ceudna tha Solamh na shuidhe air cathair na rìoghachd.

Briathran Nehemiah mhic Hachaliah. Agus thàrladh anns a’ mhìos Chisleu, anns an fhicheadamh bliadhna, nuair a bha mi ann an Susan an lùchairt.

Agus òrdaicheadh an rìgh luchd-riaghlaidh ann an uile mhòr-roinnean a rìoghachd, agus cruinnicheadh iad na h‑òighean òga sgiamhach uile gu Susan an lùchairt, gu taigh nam ban, fo làimh Hegai, caillteanach an rìgh, fear-gleidhidh nam ban; agus thugar dhaibh na nithean airson an glanaidh.

Bha Iùdhach àraidh ann an Susan an lùchairt dom b’ainm Mordecai, mac Iair, mhic Shimei, mhic Chis, duine de Bheniàmin,

Chaidh na gillean-ruith a‑mach, air an greasadh le àithne an rìgh; agus thugadh an t‑òrdagh seachad ann an Susan an lùchairt: agus shuidh an rìgh agus Hàman sìos a dh’òl; ach bha am baile Susan fo amhluadh.

Falbh, cruinnich ri chèile na h‑Iùdhaich uile a gheibhear ann an Susan, agus traisgibh air mo shon-sa, agus na ithibh agus na òlaibh rè trì làithean, a là no a dh’oidhche: traisgidh mise agus mo mhaighdeannan air an dòigh cheudna; agus an sin thèid mi a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, nì nach eil a rèir an lagha; agus mar sin ma bhàsaicheas mi, bàsaicheam.

Bha mise Nebuchadnesar gu suaimhneach ann am thaigh, agus gu h‑àlainn ann am lùchairt:

Agus chunnaic mi ann an aisling (agus thàrladh nuair a chunnaic mi, gu robh mi ann an Susan, an lùchairt, a tha ann am mòr-roinn Elaim), agus chunnaic mi ann an aisling, agus bha mi aig abhainn Ulai.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan