Esteir 1:19Am Bìoball Gàidhlig 1992Mas math leis an rìgh, thigeadh àithne rìoghail a‑mach uaithe, agus sgrìobhar i am measg laghannan nam Persianach agus nam Mèdach, a‑chum nach atharraichear i, Nach tig Bhasti nas mò an làthair an rìgh Ahasueruis, agus gun toir an rìgh a h‑inbhe rìoghail do mhnaoi eile as fheàrr na ise. Faic an caibideil |
Agus thubhairt i, Mas math leis an rìgh, agus ma fhuair mise deagh-ghean na làthair, agus ma tha an nì ceart am fianais an rìgh, agus ma tha mi taitneach na shùilean, sgrìobhar a ghairm air an ais nan litrichean a dhealbhadh le Hàman mac Hamedata an t‑Agagach, a sgrìobh e a‑chum na h‑Iùdhaich a tha ann an uile mhòr-roinnean an rìgh a sgrios: