Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 1:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar an ceudna air an là‑an‑diugh their ban-tighearnan Phersia agus Mhedia, a chluinneas mu ghnìomh na bànrighinn, ri uile uachdarain an rìgh: mar seo èiridh suas pailteas tàire agus feirge.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus bha seachd ceud bean aige, mar bhànrighinnean, agus trì cheud coileabach: agus thug a mhnathan air a chridhe claonadh.

Oir thèid gnìomh na bànrighinn a‑mach a dh’ionnsaigh nam ban uile, air chor is gun dèan iad tàir air am fir nan sùilean nuair a their iad, Dh’àithn an rìgh Ahasuerus a’ bhànrighinn Bhasti a thoirt a‑steach na làthair, ach cha tàinig i.

Mas math leis an rìgh, thigeadh àithne rìoghail a‑mach uaithe, agus sgrìobhar i am measg laghannan nam Persianach agus nam Mèdach, a‑chum nach atharraichear i, Nach tig Bhasti nas mò an làthair an rìgh Ahasueruis, agus gun toir an rìgh a h‑inbhe rìoghail do mhnaoi eile as fheàrr na ise.

Fhreagair a ban-tighearnan glice i, seadh, thug i freagradh dhi fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan