Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 1:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Memucan an làthair an rìgh agus nan uachdaran, Chan ann air an rìgh a‑mhàin a rinn Bhasti a’ bhànrighinn eucoir, ach mar an ceudna air na h‑uachdarain uile, agus air an t‑sluagh uile, a tha ann an uile mhòr-roinnean rìgh Ahasueruis:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a rìghich Ahasuerus, ann an toiseach a rìoghachaidh, sgrìobh iad litir-chasaid an aghaidh luchd-àiteachaidh Iùdah agus Ierusaleim.

A rèir an lagha ciod a nì sinn ris a’ bhànrighinn Bhasti, a chionn nach do rinn i iarrtas an rìgh Ahasueruis le làimh nan caillteanach?

Oir thèid gnìomh na bànrighinn a‑mach a dh’ionnsaigh nam ban uile, air chor is gun dèan iad tàir air am fir nan sùilean nuair a their iad, Dh’àithn an rìgh Ahasuerus a’ bhànrighinn Bhasti a thoirt a‑steach na làthair, ach cha tàinig i.

Agus nuair a bha Pòl a’ dol a dh’fhosgladh a bheòil, thubhairt Galio ris na h‑Iùdhaich, Nam b’eucoir no droch ghnìomh a bhiodh ann, O Iùdhacha, bu reusonta gun giùlaininn leibh:

An sin thubhairt Pòl, Tha mi am sheasamh aig cathair-bhreitheanais Chèasair, far an còir breith a thoirt orm: air na h‑Iùdhaich cha do rinn mi eucoir sam bith, mar as math a tha fhios agadsa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan