Agus làimh ris bha Carsena, Seta, Admata, Tarsis, Meres, Marsena, agus Memucan, seachd uachdarain Phersia agus Mhedia, a bha a’ faicinn gnùis an rìgh, agus a shuidh air thoiseach anns an rìoghachd),
Agus thubhairt Memucan an làthair an rìgh agus nan uachdaran, Chan ann air an rìgh a‑mhàin a rinn Bhasti a’ bhànrighinn eucoir, ach mar an ceudna air na h‑uachdarain uile, agus air an t‑sluagh uile, a tha ann an uile mhòr-roinnean rìgh Ahasueruis:
Agus thàinig Hàman a‑steach: agus thubhairt an rìgh ris, Ciod a nìthear don duine air an toil leis an rìgh urram a chur? (A‑nis thubhairt Hàman na chridhe, Cò air an toil leis an rìgh urram a chur nas mò na orm fhèin?)