Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 1:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus làimh ris bha Carsena, Seta, Admata, Tarsis, Meres, Marsena, agus Memucan, seachd uachdarain Phersia agus Mhedia, a bha a’ faicinn gnùis an rìgh, agus a shuidh air thoiseach anns an rìoghachd),

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus as a’ bhaile thug e aon chaillteanach, a bha os cionn nam fear-cogaidh, agus còignear fhear dhiubhsan a bha an làthair an rìgh, a fhuaireadh anns a’ bhaile, agus àrd-sgrìobhaiche na h‑armailt, a bha ag ionnsachadh cogaidh do shluagh na tìre, agus trì-fichead fear de shluagh na tìre a fhuaireadh anns a’ bhaile:

A‑thaobh gun do chuireadh thu leis an rìgh, agus le a sheachd comhairlichean, a dh’fhiosrachadh mu thimcheall Iùdah agus Ierusaleim, a rèir lagh do Dhè a tha ann ad làimh;

A rèir an lagha ciod a nì sinn ris a’ bhànrighinn Bhasti, a chionn nach do rinn i iarrtas an rìgh Ahasueruis le làimh nan caillteanach?

Thug e fòs as a’ chathair caillteanach air an robh cùram nam fear-cogaidh, agus seachd fir dhiubhsan a bha dlùth do phearsa an rìgh, a fhuaireadh anns a’ chathair, agus àrd-sgrìobhaiche an t‑sluaigh, a ghabh àireamh muinntir an fhearainn, agus trì-fichead fear de mhuinntir an fhearainn, a fhuaireadh ann am meadhon a’ bhaile;

Thugaibh an aire nach dèan sibh tarcais air aon neach den mhuinntir bhig seo; oir tha mise ag ràdh ribh gu bheil an aingil-san air nèamh a’ faicinn a‑ghnàth gnùis m’Athar-sa a tha air nèamh.

Agus chì iad a aghaidh; agus bidh a ainm-san air clàr an aodainn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan