Ach dhiùlt a’ bhànrighinn Bhasti teachd air àithne an rìgh a thug e seachad le làimh nan caillteanach: agus bha corraich mhòr air an rìgh, agus las a fhearg an taobh a‑staigh dheth.
Ris a’ mhnaoi thubhairt e, Meudaichidh mi gu mòr do dhoilgheas agus do thorrachas; am pèin beiridh tu clann, agus rid fhear bidh do thogradh, agus bidh uachdaranachd aige ort.
Bhasti a’ bhànrighinn a thoirt an làthair an rìgh leis a’ chrùn rìoghail, a nochdadh don t‑sluagh agus do na h‑uachdarain a sgèimhe; oir bha i maiseach ri amharc oirre.
An sin thubhairt an rìgh ris na daoine glice dom b’aithne na h‑aimsirean (oir b’e sin gnàth an rìgh dan taobhsan uile a bha eòlach air lagh agus breitheanas:
Agus dh’èirich an rìgh na fheirg o chuirm an fhìona agus chaidh e do lios na lùchairt; agus sheas Hàman gu a anam a ghuidhe o Ester a’ bhànrighinn; oir chunnaic e gun do shònraicheadh olc na aghaidh leis an rìgh.
Agus cho luath is a thàinig e am fagas don champ, chunnaic e an laogh, agus an dannsa: agus las corraich Mhaois, agus thilg e na clàir as a làimh, agus bhris e iad aig bun an t‑slèibh.
An sin dh’àithn Nebuchadnesar, na fheirg agus na chorraich, Sadrach, Mesach, agus Abed-nego, a thoirt da ionnsaigh: an sin thug iad na daoine seo an làthair an rìgh.
An sin bha Nebuchadnesar làn corraich, agus bha dreach a ghnùise air caochladh an aghaidh Shadraich, Mhesaich, agus Abed-nego; labhair agus dh’àithn e gun teasaicheadh iad an àmhainn seachd uairean na bu mhò na bu ghnàth leo a teasachadh.
Cò as urrainn seasamh ro a fheirg-san? Agus cò a dh’fhaodas fuireach ann an dian-theas a chorraich? Tha a chorraich air a dòrtadh a‑mach mar theine, agus tha na creagan air an tilgeadh sìos leis.
Cha chaomhain an Tighearna e, ach an sin cuiridh fearg an Tighearna, agus a eud, smùid dhiubh an aghaidh an duine sin, agus laighidh gach mallachadh air a tha sgrìobhte anns an leabhar seo, agus dubhaidh an Tighearna a‑mach a ainm o bhith fo nèamh.
Mar an ceudna, a mhnathan, bithibh umhail dur fir fhèin, a‑chum ma tha dream air bith eas-umhail don fhacal, gum bi iadsan mar an ceudna, as eugmhais an fhacail, air an cosnadh le deagh chaitheamh-beatha nam ban;