Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 1:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bhasti a’ bhànrighinn a thoirt an làthair an rìgh leis a’ chrùn rìoghail, a nochdadh don t‑sluagh agus do na h‑uachdarain a sgèimhe; oir bha i maiseach ri amharc oirre.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Ach ann an Israel uile cha robh duine cho maiseach ri Absalom: bha e ri mholadh gu mòr: o bhonn a choise gu ruig mullach a chinn cha robh smal air bith air.

Ach dhiùlt a’ bhànrighinn Bhasti teachd air àithne an rìgh a thug e seachad le làimh nan caillteanach: agus bha corraich mhòr air an rìgh, agus las a fhearg an taobh a‑staigh dheth.

Agus ghràdhaich an rìgh Ester os cionn nam ban uile, agus fhuair i gean-math agus coibhneas na làthair os cionn nan òighean uile; agus chuir e an crùn rìoghail air a ceann, agus rinn e na bànrighinn i an àite Bhasti.

Thugar an làthair a’ chulaidh rìoghail a chuireas an rìgh air, agus an t‑each air am marcaich an rìgh, agus an crùn rìoghail a chuirear air a cheann:

Smaoinichidh cridhe duine air a shlighe; ach is e an Tighearna a stiùras a cheuman.

Is mealltach deagh-ghean, agus is dìomhain sgèimh; ach bean air am bi eagal an Tighearna, is ise a mholar.

A‑nis b’e ainm an duine Nàbel, agus ainm a mhnà Abigail; agus bha i na mnaoi aig an robh deagh-thuigse, agus maiseach na dealbh; ach bha an duine iargalta agus olc na ghnìomharan; agus bha e de thaigh Chàleib.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan