Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Esteir 1:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis ann an làithean Ahasueruis (is e seo an t‑Ahasuerus a rìghich o India gu ruig Etiopia, os cionn ceud agus seachd-ar‑fhichead mòr-roinn);

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a rìghich Ahasuerus, ann an toiseach a rìoghachaidh, sgrìobh iad litir-chasaid an aghaidh luchd-àiteachaidh Iùdah agus Ierusaleim.

Agus chuir an rìgh Ahasuerus cìs air an tìr, agus air eileanan na mara.

Agus òrdaicheadh an rìgh luchd-riaghlaidh ann an uile mhòr-roinnean a rìoghachd, agus cruinnicheadh iad na h‑òighean òga sgiamhach uile gu Susan an lùchairt, gu taigh nam ban, fo làimh Hegai, caillteanach an rìgh, fear-gleidhidh nam ban; agus thugar dhaibh na nithean airson an glanaidh.

Uime sin ghairmeadh sgrìobhaichean an rìgh air an àm sin anns an treas mìos (is e sin mìos Shibhain), air an treas-là‑fichead dheth; agus sgrìobhadh, a rèir gach nì a dh’àithn Mordecai, a‑chum nan Iùdhach, agus a‑chum an àrd-luchd-riaghlaidh, agus nan ceannard agus uachdaran nam mòr-roinn a tha o India gu Etiopia, ceud, fichead agus seachd mòr-roinn a‑chum gach mòr-roinne a rèir an sgrìobhaidh, agus a‑chum gach sluaigh a rèir an cànain, agus a‑chum nan Iùdhach a rèir an sgrìobhaidh, agus a rèir an cànain.

Agus chuir e litrichean a‑chum nan Iùdhach uile, a‑chum a’ cheud agus nan seachd mòr-roinn fhichead de rìoghachd Ahasueruis, le briathran sìth agus fìrinn,

Is truagh don tìr a tha falaichte le sgiathan, a tha air taobh thall aibhnichean Etiopia:

Agus nuair a chuala e mu thimcheall Thirhacah rìgh Etiopia, ag ràdh, Thàinig e a‑mach a chogadh riut: chuir e teachdairean gu Heseciah, ag ràdh,

Agus a‑nis foillsichidh mi dhut an fhìrinn: Feuch, seasaidh suas fhathast trì rìghrean ann am Persia; agus bidh an ceathramh nas beartaiche gu mòr na iad uile: agus le a chumhachd, trìd a bheartais, dùisgidh e suas na h‑uile an aghaidh rìoghachd na Grèige.

B’i toil Dhariuis ceud agus fichead uachdaran a chur os cionn na rìoghachd, muinntir a bhiodh os cionn na rìoghachd uile;

Ann an ciad bhliadhna Dhariuis mhic Ahasueruis, de shìol nam Mèdach, a rinneadh na rìgh os cionn rìoghachd nan Caldèanach:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan