Cha mhò a thogas sibh taigh, no a chuireas sibh sìol, no a shuidhicheas sibh fìonlios, no a bhios aon agaibh; ach fad ur n‑uile làithean nì sibh còmhnaidh ann am bùthan, a‑chum gum mair sibh mòran làithean anns an fhearann anns a bheil sibh nur coigrich.
Mas math no mas olc e, bheir sinn gèill do ghuth an Tighearna ar Dia, gus a bheil sinn gad chur; a‑chum gun èirich gu math dhuinn nuair a bhios sinn umhail do ghuth an Tighearna ar Dia.
Thoir an aire, agus èisd ris na briathran sin uile a tha mi ag àithneadh dhut, a‑chum gun èirich gu math dhut fhèin, agus dod chloinn ad dhèidh gu bràth, nuair a nì thu an nì a tha math agus ceart ann an sùilean an Tighearna do Dhia.
Air gach aon chor leigidh tu leis a’ mhàthair dol as, agus an t‑àlach gabhaidh tu dhut fhèin; a‑chum gun èirich gu math dhut, agus gum buanaich thu do làithean.
Gleidhidh tu uime sin a reachdan, agus a àitheantan, a tha mise ag àithneadh dhut an‑diugh, a‑chum gun èirich gu math dhut, agus dod chloinn ad dhèidh, agus a‑chum gum buanaich thu do làithean air an fhearann, a bheir an Tighearna do Dhia dhut gu bràth.
Tabhair urram dod athair agus dod mhàthair, mar a dh’àithn an Tighearna do Dhia dhut; a‑chum gum buanaichear do làithean, agus gun èirich gu math dhut, anns an fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut.
Anns gach slighe a dh’àithn an Tighearna ur Dia dhuibh gluaisidh sibh, a‑chum gum bi sibh beò, agus gun èirich gu math dhuibh, agus gum buanaich sibh ur làithean anns an fhearann a shealbhaicheas sibh.
Agus nì thu an nì sin a tha ceart agus math ann an sealladh an Tighearna; a‑chum is gun èirich gu math dhut, agus gun tèid thu a‑steach, agus gun sealbhaich thu am fearann math a mhionnaich an Tighearna dod athraichean;
Eisd uime sin, O Israeil, agus thoir an aire gun dèan thu seo, a‑chum gun èirich gu math dhut, agus gum fàs sibh ro‑lìonmhor, mar a gheall an Tighearna Dia d’athraichean dhut, ann am fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus mil.