Oir cha dèan neach air bith aon nì am falach, a dh’iarras e fhèin a bhith am follais: ma tha thu a’ dèanamh nan nithean seo, nochd thu fhèin don t‑saoghal.
Agus an teachdaire a chaidh a ghairm Mhicaiah, labhair e ris, ag ràdh, Feuch a‑nis, tha briathran nam fàidh le aon bheul a’ foillseachadh maith don rìgh: biodh d’fhacal-sa, guidheam ort, mar fhacal aoin dhiùbhsan, agus labhair an nì a tha math.
Agus thubhairt e ris, Mas tu Mac Dhè, tilg thu fhèin sìos: oir tha e sgrìobhte gun toir e àithne da ainglean mud thimcheall, agus togaidh iad suas thu nan làmhan, a‑chum nach buail thu, uair air bith, do chas air cloich.
Agus nuair a nì sibh trasgadh, na biodh gruaim air ur gnùis, mar luchd an fhuar-chràbhaidh: oir cuiridh iadsan mì‑dhreach air an aghaidh a‑chum gum faicear le daoine iad a bhith a’ trasgadh. Tha mi ag ràdh ribh gu fìrinneach gu bheil an tuarasdal aca.
Agus nuair a nì thu ùrnaigh, na bi mar luchd an fhuar-chràbhaidh: oir is ionmhainn leo ùrnaigh a dhèanamh anns na sionagogan, agus ann an coinneachadh nan sràid nan seasamh, a‑chum gum faicear le daoine iad. Gu deimhinn tha mise ag ràdh ribh gu bheil an tuarasdal aca.
Bheir duine math nì math a‑mach à deagh ionmhas a chridhe; agus bheir droch dhuine nì olc a‑mach à droch ionmhas a chridhe: oir is ann à pailteas a chridhe a labhras a bheul.
Fhreagair Iosa e, Labhair mise gu follaiseach ris an t‑saoghal; theagaisg mi a‑ghnàth anns an t‑sionagog, agus anns an teampall, far a bheil na h‑Iùdhaich a’ cruinneachadh as gach àit; agus am falach cha do labhair mi nì air bith.
Uime sin thubhairt a bhràithrean ris, Imich as a seo agus rach do Iudèa, a‑chum gum faic do dheisciobail mar an ceudna d’obraichean a tha thu a’ dèanamh.