Eòin 7:3Am Bìoball Gàidhlig 1992Uime sin thubhairt a bhràithrean ris, Imich as a seo agus rach do Iudèa, a‑chum gum faic do dheisciobail mar an ceudna d’obraichean a tha thu a’ dèanamh. Faic an caibideil |
Agus chuala Eliab, a bhràthair a bu shine, nuair a labhair e ris na daoine: agus las fearg Eliaib an aghaidh Dhaibhidh, agus thubhairt e, Carson a thàinig thu a‑nuas an seo? Agus cò aige a dh’fhàg thu am beagan chaorach sin anns an fhàsach? Tha mi fiosrach air d’uabhar agus olcas do chridhe; oir is ann a dh’fhaicinn a’ chatha a thàinig thu a‑nuas.