Feuch, tha mi am sheasamh làimh ris an tobar uisge; agus nuair a thig a’ mhaighdeann a‑mach a tharraing uisge, agus a their mi rithe, Thoir dhomh, guidheam ort, beagan uisge ri òl as do shoitheach;
Agus dh’èirich e, agus chaidh e do Sharephat: agus nuair a thàinig e gu geata a’ bhaile, feuch, bha a’ bhantrach an sin a’ tional bhioran; agus ghairm e oirre, agus thubhairt e, Thoir am ionnsaigh, guidheam ort, beagan uisge ann an soitheach, a‑chum gun òl mi.
Agus ge bè a bheir cupan de uisge fuar a‑mhàin ra òl do aon den mhuinntir bhig seo, an ainm deisciobail, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e air chor sam bith a dhuais.
An dèidh seo air do Iosa fios a bhith aige gu robh na h‑uile nithean a‑nis air an crìochnachadh, a‑chum gun coileante an sgriobtar, thubhairt e, Tha tart orm.
Fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, Nam b’aithne dhut tìodhlac Dhè, agus cò e a tha ag ràdh riut, Thoir dhomh deoch, dh’iarradh tu airsan, agus bheireadh e uisge beò dhut.
A‑nis bha tobar Iàcoib an sin. Uime sin air do Iosa a bhith sgìth le a thuras, shuidh e mar sin làimh ris an tobar; agus bha e mu thimcheall na siathamh uaire.