Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eòin 4:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Dh’fhàg e Iudèa, agus chaidh e a‑rìs do Ghalile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a nì iad geur-leanmhainn oirbh anns a’ bhaile seo, teichibh gu baile eile; oir gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach imich sibh air feadh bhailtean Israeil mun tig Mac an Duine.

Ach chaidh Iosa maille ra dheisciobail air leth a‑chum na mara: agus lean sluagh mòr e o Ghalile, agus o Iudèa.

A‑nis, a’ dol suas dha gu Ierusalem, chaidh e tro mheadhon Shamaria agus Ghalile.

Air an là na dhèidh sin, bu toil le Iosa dol a‑mach do Ghalile, agus fhuair e Philip, agus thubhairt e ris, Lean mise.

Agus chaidh e a‑rìs gus an taobh thall de Iòrdan, don ionad anns an robh Eòin air tùs ri baisteadh; agus rinn e còmhnaidh an sin.

Air an adhbhar sin cha d’imich Iosa nas mò gu follaiseach am measg nan Iùdhach; ach chaidh e as a sin do dhùthaich làimh ris an fhàsach, gu baile ris an abrar Ephraim, agus an sin ghabh e còmhnaidh maille ra dheisciobail.

Seo toiseach nam mìorbhailean a rinn Iosa ann an Cana Ghalile, agus dh’fhoillsich e a ghlòir; agus chreid a dheisciobail ann.

An dèidh sin thàinig Iosa agus a dheisciobail do thìr Iudèa; agus dh’fhan e an sin maille riu, agus bhaist e.

Agus an nì a chunnaic agus a chuala e, air a sin tha e a’ toirt fianais; agus chan eil aon duine a’ gabhail ra fhianais.

Nuair a chuala esan gu robh Iosa air teachd à Iudèa do Ghalile, chaidh e da ionnsaigh, agus ghuidh e air gun rachadh e sìos, agus gun slànaicheadh e a mhac: oir bha e ri uchd bàis.

Agus an dèidh nan nithean sin, bha Iosa ag imeachd mun cuairt ann an Galile: oir cha b’àill leis a bhith ag imeachd ann an Iudèa, a chionn gu robh na h‑Iùdhaich ag iarraidh a mharbhadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan