Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eòin 10:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cha lean iad coigreach, ach teichidh iad uaithe, do bhrìgh nach aithne dhaibh guth choigreach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Is aithne dhomh d’obraichean, agus do shaothair, agus d’fhoighidinn, agus nach urrainn thu giùlan leòsan a tha olc; agus gun do dhearbh thu iadsan a their gur abstoil iad fhèin, agus nach eadh, agus gun d’fhuair thu iad breugach;

Agus thubhairt e riu, Thugaibh fa‑near ciod a chluinneas sibh: leis an tomhas a thomhaiseas sibh, tomhaisear dhuibh fhèin; agus bheirear tuilleadh dhuibhse tha ag èisdeachd.

Sguir, a mhic, a dh’èisdeachd ris an teagasg a chuireas air seachran o bhriathran an eòlais.

Cha do sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, do bhrìgh nach aithne dhuibh an fhìrinn; ach do bhrìgh gur aithne dhuibh i, agus nach eil breug air bith on fhìrinn.

Agus thubhairt Iehosaphat, Nach eil an seo fàidh tuilleadh leis an Tighearna, a‑chum gum fiosraich sinn dheth?

Chaidh iad a‑mach uainn, ach cha robh iad dhinn: oir nam biodh iad dhinn, gu deimhinn dh’fhanadh iad maille rinn: ach chaidh iad a‑mach, a‑chum gun dèante follaiseach iad, nach robh iad uile dhinn.

Oir thig an t‑àm anns nach bi fulang aca air teagasg fallain: ach air do chluasan tachasach a bhith aca, càrnaidh iad suas dhaibh fhèin luchd-teagaisg a rèir an ana-miann;

Air an adhbhar sin thugaibh fa‑near cionnas a dh’èisdeas sibh: oir ge bè neach aig a bheil, bheirear dha; agus ge bè neach aig nach eil, bheirear uaithe eadhon an nì sin a shaoilear a bhith aige.

Agus nuair a chuireas e a‑mach a chaoraich fhèin, imichidh e romhpa, agus leanaidh na caoraich e: oir is aithne dhaibh a ghuth.

Agus tha caoraich eile agam, nach eil den chrò seo: is èiginn dhomh iad sin mar an ceudna a thoirt a‑steach, agus èisdidh iad rim ghuth; agus bidh aon treud ann, agus aon bhuachaille.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan