Agus bidh i na duslach mìn air feadh tìr na h‑Eiphit uile, agus bidh i na neasgaid a’ briseadh a‑mach na builg air duine, agus air ainmhidh, air feadh tìr na h‑Eiphit uile.
Agus ghabh iad luath an teallaich, agus sheas iad an làthair Phàraoh, agus chrath Maois i ri nèamh: agus rinneadh i na neasgaid a’ briseadh a‑mach na builg air duine, agus air ainmhidh.
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois agus ri Aaron, Gabhaibh dhuibh fhèin làn ur glac de luaith an teallaich, agus crathadh Maois i ri nèamh ann an sealladh Phàraoh:
Agus dh’imich an ciad aingeal, agus thaom e a shoitheach air an talamh; agus dh’èirich droch neasgaid nimhneach air na daoine sin aig an robh comharradh an fhiadh-bheathaich, agus orrasan a rinn adhradh da ìomhaigh.