Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 9:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus shuidhich an Tighearna àm, ag ràdh, A‑màireach nì an Tighearna an nì seo anns an tìr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Carson, o nach d’fhalaicheadh aimsirean on Uile-chumhachdach, nach faic iadsan don aithne e a làithean?

Ach ma dhiùltas tu leigeadh lem shluagh imeachd, feuch, bheir mise a‑màireach na lòcaist a‑steach dod chrìochan:

Agus cuiridh mi dealachadh eadar mo shluagh-sa agus do shluagh-sa: air an là màireach bidh an comharradh seo.

Feuch, mun àm seo a‑màireach, bheir mise air cloich-mheallain ro‑mhòir frasadh a‑nuas, nach robh a samhail anns an Eiphit on là anns an do leagadh a bunachar eadhon gus a‑nis.

Agus cuiridh an Tighearna dealachadh eadar sprèidh Israeil, agus chan fhaigh a’ bheag bàs a dh’aon nì as le cloinn Israeil.

Agus rinn an Tighearna an nì sin air an là màireach, agus fhuair sprèidh na h‑Eiphit uile bàs: ach de sprèidh chloinn Israeil cha d’fhuair a h‑aon bàs.

Agus labhair e ri Corah, agus ra chuideachd uile, ag ràdh, Eadhon a‑màireach nochdaidh an Tighearna cò iad as leis, agus cò a tha naomh, agus bheir e air teachd am fagas dha: bheir e eadhon airsan a roghnaich e, teachd am fagas dha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan