Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 9:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh Maois a‑mach o Phàraoh as a’ bhaile, agus shìn e a‑mach a làmhan a‑chum an Tighearna; agus sguir an tàirneanach agus a’ chlach-mheallain, agus cha do dhòirteadh an t‑uisge air an talamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus sheas Solamh air beulaibh altair an Tighearna, ann an làthair uile choitheanal Israeil, agus sgaoil e a‑mach a làmhan gu nèamh:

Agus chaidh Maois agus Aaron a‑mach o Phàraoh; agus dh’èigh Maois ris an Tighearna a‑thaobh nan losgann, a thug e an aghaidh Phàraoh.

An sin ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Guidhibh air an Tighearna gun toir e air falbh na losgannan uam fhèin, agus om shluagh; agus leigidh mise leis an t‑sluagh imeachd, a‑chum is gun ìobair iad don Tighearna.

Agus thubhairt Maois ris, Cho luath is a thèid mise a‑mach as a’ bhaile, sìnidh mì mo làmhan a‑mach a‑chum an Tighearna: agus sguiridh an tàirneanach, agus cha bhi a’ chlach-mheallain ann nas mò; a‑chum is gum bi fhios agad gur leis an Tighearna an talamh.

Ach cha do bhuaileadh an cruithneachd agus an seagal: oir cha robh iad air fàs suas.

Agus nuair a chunnaic Phàraoh gun do sguir an t‑uisge, agus a’ chlach-mheallain, agus an tàirneanach, pheacaich e fhathast mar an ceudna, agus chruadhaich e a chridhe, e fhèin agus a sheirbhisich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan