Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 9:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach cha do bhuaileadh an cruithneachd agus an seagal: oir cha robh iad air fàs suas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thug e thairis iad do làimh nan Gibeonach, agus chroch iad iad anns an t‑sliabh am fianais an Tighearna; agus thuit an t‑seachdnar sin cuideachd, agus chuireadh gu bàs iad ann an ciad làithean an fhogharaidh, ann an toiseach fogharadh an eòrna.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sìn a‑mach do làmh thar tìr na h‑Eiphit, airson nan lòcast, a‑chum is gun tig iad suas air tìr an h‑Eiphit, agus gun ith iad uile luibh na talmhainn, eadhon gach nì a dh’fhàg a’ chlach-mheallain.

Agus shìn Maois a‑mach a làmh gu nèamh: agus bha tiugh-dhorchadas ann an tìr na h‑Eiphit uile rè trì làithean.

Agus còmhdaichidh iad aghaidh na talmhainn, air chor is nach urrainn neach an talamh fhaicinn: agus ithidh iad fuidheall an nì sin a thèid as, a dh’fhanas agaibh on chloich-mheallain, agus ithidh iad gach craobh a tha a’ fàs dhuibh as a’ mhachair.

Agus bhuaileadh an lìon agus an t‑eòrna; oir bha an t‑eòrna fo dhèis, agus an lìon fo fhrois.

Agus chaidh Maois a‑mach o Phàraoh as a’ bhaile, agus shìn e a‑mach a làmhan a‑chum an Tighearna; agus sguir an tàirneanach agus a’ chlach-mheallain, agus cha do dhòirteadh an t‑uisge air an talamh.

Nuair a nì e a aghaidh còmhnard, nach sgaoil e an sin a’ mheanbh-pheasair, agus nach sgap e an cumin; agus nach cuir e an cruithneachd anns an àite as fheàrr, agus an t‑eòrna anns an ionad shuidhichte, agus an seagal na chrìch fhèin?

Gabh thugad fòs cruithneachd, agus eòrna, agus pònair, agus peasair, agus meanbh-pheasair, agus peasair fhiadhain, agus cuir iad ann an aon soitheach, agus dèan dhut fhèin aran dhiubh, a rèir àireamh nan làithean a laigheas tu air do thaobh; trì cheud, ceithir-fichead agus deich làithean ithidh tu dheth.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan