Feuch, bidh làmh an Tighearna air do sprèidh a tha anns a’ mhachair, air na h‑eich, air na h‑asail, air na càmhail, air a’ chrodh, agus air na caoraich: bidh plàigh ro‑mhòr ann.
Agus thug iad an sprèidh gu Iòseph; agus thug Iòseph dhaibh aran airson nan each, agus airson nan caorach, agus airson a’ chruidh, agus airson nan asal; agus bheathaich e iad le aran, airson an sprèidhe uile, air a’ bhliadhna sin.
Agus thubhairt iad, Dh’fhoillsich Dia nan Eabhraidheach e fhèin dhuinne: leig leinn, guidheamaid ort, dol astar trì làithean don fhàsach, a‑chum is gun ìobair sinn don Tighearna ar Dia, air eagal gum buail e sinn le plàigh, no leis a’ chlaidheamh.
Agus chan èisd Phàraoh ribh, agus leagaidh mise mo làmh air an Eiphit, agus bheir mi a‑mach m’armailtean, agus mo shluagh, clann Israeil, à tìr na h‑Eiphit, le breitheanais mhòra.
An sin thubhairt na draoidhean ri Phàraoh, Is e meur Dhè a tha ann: agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna.
Chuir mi nur measg a’ phlàigh, a rèir nòs na h‑Eiphit; mharbh mi ur n‑òganaich leis a’ chlaidheamh, agus thug mi air falbh ur n‑eich, agus thug mi air droch fhàile ur campa teachd a‑nìos gu ur pollairean: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna.
Agus feuch a‑nis, tha làmh an Tighearna ort, agus bidh tu dall, gun a’ ghrian fhaicinn rè tamaill. Agus air ball thuit ceò agus dorchadas air; agus a’ tionndadh mun cuairt, dh’iarr e dream a threòraicheadh air làimh e.
Agus chì sibh, ma thèid i suas rathad a crìche fhèin gu Bet-semes, an sin rinn e an t‑olc mòr seo oirnn: ach mura tèid, an sin bidh fhios againn nach i a làmh-san a bhuail sinn; is tuiteamas a thàinig oirnn.