Guidhibh-se air an Tighearna (oir is leòr e) nach bi tàirneanach anabarrach agus clach-mheallain ann nas mò; agus leigidh mise leibh falbh, agus chan fhan sibh nas fhaide.
Agus fhreagair an rìgh, agus thubhairt e ris an duine le Dia, Aslaich a‑nis gnùis an Tighearna do Dhia, agus dèan ùrnaigh air mo shon, a‑chum gun aisigear mo làmh dhomh a‑rìs. Agus dh’aslaich an duine le Dia gnùis an Tighearna, agus dh’aisigeadh làmh an rìgh dha a‑rìs, agus bha i mar air tùs.
A‑nis uime sin maith, guidheam ort, mo pheacadh a‑mhàin an uair seo, agus guidhibh air an Tighearna ur Dia gun toir e air falbh uam a‑mhàin am bàs seo.
Agus ghairm Phàraoh air Maois, agus thubhairt e, Rachaibh-se, dèanaibh seirbhis don Tighearna: a‑mhàin fanadh ur treudan agus ur buar; rachadh ur clann bheag mar an ceudna maille ribh.
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Bheir mi aon phlàigh fhathast air Phàraoh, agus air an Eiphit; an dèidh sin leigidh e leibh imeachd as a seo: nuair a leigeas e leibh imeachd, gu cinnteach fuadaichidh e a‑mach as a seo sibh gu h‑iomlan.
Agus thubhairt Phàraoh, Leigidh mi dhuibh imeachd, a‑chum is gun ìobair sibh don Tighearna ur Dia anns an fhàsach; ach na rachaibh ro‑fhada air astar: guidhibh air mo shon-sa.
An sin ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Guidhibh air an Tighearna gun toir e air falbh na losgannan uam fhèin, agus om shluagh; agus leigidh mise leis an t‑sluagh imeachd, a‑chum is gun ìobair iad don Tighearna.
Fiosraich, guidheamaid ort, den Tighearna air ar son-ne, oir tha Nebuchadresar rìgh Bhàbiloin a’ cogadh nar n‑aghaidh; a dh’fheuchainn an dèan an Tighearna rinn a rèir a uile bheartan iongantach, a‑chum gun tèid e suas uainn.
Uime sin thàinig an sluagh a dh’ionnsaigh Mhaois, agus thubhairt iad, Pheacaich sinn, oir labhair sinn an aghaidh an Tighearna, agus ad aghaidh-sa; guidh air an Tighearna gun toir e air falbh uainn na nathraichean. Agus ghuidh Maois airson an t‑sluaigh.
Agus thubhairt an sluagh uile ri Samuel, Dèan ùrnaigh airson do sheirbhiseach ris an Tighearna do Dhia, a‑chum nach bàsaich sinn: oir chuir sinn ri ar peacaidhean uile an t‑olc seo, rìgh iarraidh dhuinn fhèin.