Mar seo bha clach-mheallain ann, agus teine measgte leis a’ chloich-mheallain, ro‑mhòr, aig nach robh a samhail ann an tìr na h‑Eiphit uile o rinneadh dùthaich dhith.
Agus lìonaidh iad do thaighean, agus taighean do sheirbhiseach uile, agus taighean nan Eiphiteach uile; nì nach faca aon chuid d’athraichean, no athraichean d’athraichean, on là a bha iad air an talamh gus an là‑an‑diugh. Agus thill e e fhèin, agus chaidh e a‑mach o Phàraoh.
Feuch, mun àm seo a‑màireach, bheir mise air cloich-mheallain ro‑mhòir frasadh a‑nuas, nach robh a samhail anns an Eiphit on là anns an do leagadh a bunachar eadhon gus a‑nis.
Agus shìn Maois a‑mach a shlat gu nèamh; agus rinn an Tighearna tàirneanach agus clach-mheallain, agus ruith tein-adhair air uachdar na talmhainn; agus fhras an Tighearna clach-mheallain air tìr na h‑Eiphit.
Agus bhuail a’ chlach-mheallain air feadh tìr na h‑Eiphit uile gach nì a bha anns a’ mhachair, araon duine agus ainmhidh: agus bhuail a’ chlach-mheallain uile luibh na machrach, agus bhris i uile chraobhan na machrach.
Agus bheir an Tighearna fa‑near gun cluinnear a ghuth glòrmhor, agus gum faicear leagadh a‑nuas a ghàirdein, le corraich ghairg, agus le lasair teine chaithtich; le sgapadh, agus doininn, agus clachan-meallain.
Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, ghiùlain iomaghaoth on àird a tuath neul mòr a bha air a chuartachadh le fillidhean teine, agus dealradh air gach taobh dheth; agus na mheadhon bha amhail dreach òmair, eadhon ann am meadhon an teine.
Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Nì mise fòs a bhriseadh le gaoith dhoineannaich ann am fheirg: agus bidh fras thuilteach ann am chorraich-sa ann, agus clachan-meallain mòra ann am dhian-fheirg ga mhilleadh.