Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 9:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus esan nach do ghabh suim de fhacal an Tighearna, dh’fhàg e a sheirbhisich agus a sprèidh anns a’ mhachair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

A‑nis uime sin socraichibh ur cridhe agus ur n‑anam a dh’iarraidh an Tighearna ur Dia: èiribh-se agus togaibh ionad naomh an Tighearna Dia, a‑chum gun toir sibh a‑steach àirc coicheangal an Tighearna, agus soithichean naomha Dhè, don taigh a tha ra thogail do ainm an Tighearna.

Ma chuireas e a chridhe air, ma chruinnicheas e da ionnsaigh fhèin a spiorad agus a anail;

Ciod e an duine, gun àrdaicheadh tu e? Agus gun suidhicheadh tu do chridhe air?

Agus thill Phàraoh, agus chaidh e da thaigh: agus cha do shocraich e a chridhe air seo cuideachd.

An tì a ghabh eagal ro fhacal an Tighearna am measg seirbhisich Phàraoh, thug e air a sheirbhisich agus air a sprèidh teicheadh do na taighean.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sìn a‑mach do làmh gu nèamh, a‑chum is gum bi clach-mheallain ann an tìr na h‑Eiphit uile, air duine, agus air ainmhidh, agus air uile luibh na machrach ann an tìr na h‑Eiphit.

Chì an duine crìonna olc, agus falaichidh e e fhèin; ach gabhaidh na daoine baoghalta air an aghaidh, agus fuilingidh iad peanas.

An sin chunnaic mi, thug mi an aire gu math; dh’amhairc mi, fhuair mi fòghlam.

Agus thubhairt an duine rium, A mhic an duine, faic led shùilean, agus cluinn led chluasan, agus socraich do chridhe air a h‑uile nì a dh’fheuchas mise dhut; oir is ann a‑chum gum feuchainn dhut iad a thugadh an seo thu; foillsich gach nì a chì thu do thaigh Israeil.

An sin thubhairt e rium, Na biodh eagal ort, a Dhanieil; oir on chiad là anns an do shuidhich thu do chridhe a‑chum tuigsinn, agus a‑chum thu fhèin irioslachadh ann an làthair do Dhè, bha do bhriathran air an cluinntinn, agus tha mise air teachd airson do bhriathran.

Agus mu àm a bàis, thubhairt na mnathan a bha a’ seasamh làimh rithe, Na biodh eagal ort, oir rug thu mac. Ach cha do fhreagair ise, cha mhò a thug i fa‑near e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan