Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 9:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A bheil thu fhathast gad àrdachadh fhèin an aghaidh mo shluaigh, air chor is nach leig thu leo imeachd?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

A bheil gàirdean agad cosmhail ri Dia? No an dèan thu tàirneanach le guth cosmhail ris-san?

Glic ann an cridhe, agus treun ann an neart, cò a chruadhaich e fhèin na aghaidh, agus a shoirbhich?

Agus gu deimhinn airson seo thog mi suas thu, a‑chum is gun nochdainn annad mo chumhachd, agus gum biodh m’ainm iomraiteach anns an domhan uile.

Feuch, mun àm seo a‑màireach, bheir mise air cloich-mheallain ro‑mhòir frasadh a‑nuas, nach robh a samhail anns an Eiphit on là anns an do leagadh a bunachar eadhon gus a‑nis.

An dèan an tuagh uaill an aghaidh an fhir a tha a’ gearradh leatha? An àrdaich an tuireasg e fhèin an aghaidh an fhir a tha ga iomairt? Mar gun sìneadh an t‑slat i fhèin an aghaidh an neach a tha ga togail; no mar gun togadh an lorg suas e fhèin mar nach b’fhiodh a bha ann.

A Thighearna, tha do làmh togte suas, gidheadh chan fhaic iad; ach chì iad, agus bidh iad fo amhluadh airson eud an t‑sluaigh; seadh, loisgidh teine do naimhdean suas iad.

A chionn gun tàinig do bhoile am aghaidh, agus d’àrdan a‑nìos gum chluasan; air an adhbhar sin cuiridh mi mo dhubhan ann ad shròin, agus mo shrian ann ad bheul; agus tillidh mi air d’ais thu air an t‑slighe air an tàinig thu.

Is an‑aoibhinn dhàsan a nì strì ris an fhear a rinn e; an t‑slige-chreadha ri fear-deilbh na creadha: an abair a’ chriadh ris-san a chumas i, Ciod a tha thu a’ dèanamh? No an abair an nì a rinn thu, Chan eil làmhan aigesan a rinn mi?

Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do chuir thu do chridhe mar chridhe Dhè;

Ach nuair a bha a chridhe air a thogail suas, agus a inntinn air a cruadhachadh ann an uabhar, chuireadh sìos o a chathair rìoghail e, agus thug iad a ghlòir uaithe.

Agus air ball bhuail aingeal an Tighearna e, do bhrìgh nach tug e a’ ghlòir do Dhia: agus dh’itheadh le cnuimhean e, agus chaidh an deò as.

Am brosnaich sinn an Tighearna gu eud? An treasa sinn na esan?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan