Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 8:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Maois ri Phàraoh, Dèan uaill tharam: cuin a ghuidheas mi air do shon, agus airson do sheirbhiseach, agus airson do shluaigh, gun cuirear as do na losgannan uat fhèin, agus od thaighean, air chor is gum mair iad a‑mhàin anns an abhainn?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Eliah ri fàidhean Bhàail, Taghaibh-se dhuibh fhèin aon tarbh òg, agus deasaichibh an toiseach e, oir tha sibh lìonmhor; agus gairmibh air ainm ur diathan, ach na cuiribh teine foidhe.

Agus choileanadh seachd làithean an dèidh don Tighearna an abhainn a bhualadh.

Agus thubhairt esan, A‑màireach. Agus thubhairt e, Biodh e a rèir d’fhacail: a‑chum is gum bi fhios agad nach eil neach ann cosmhail ris an Tighearna ar Dia.

Agus falbhaidh na losgannan uat fhèin, agus od thaighean, agus od sheirbhisich, agus od shluagh; a‑mhàin anns an abhainn mairidh iad.

An sin ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Guidhibh air an Tighearna gun toir e air falbh na losgannan uam fhèin, agus om shluagh; agus leigidh mise leis an t‑sluagh imeachd, a‑chum is gun ìobair iad don Tighearna.

An dèan an tuagh uaill an aghaidh an fhir a tha a’ gearradh leatha? An àrdaich an tuireasg e fhèin an aghaidh an fhir a tha ga iomairt? Mar gun sìneadh an t‑slat i fhèin an aghaidh an neach a tha ga togail; no mar gun togadh an lorg suas e fhèin mar nach b’fhiodh a bha ann.

Agus thubhairt an Tighearna, Mhaith mi, a rèir d’fhacail:

Agus thubhairt an Tighearna ri Gideon, Tha an sluagh a tha maille riut tuilleadh is lìonmhor gu mise a thoirt nam Midianach nan làimh, air eagal gun dèanadh Israel uaill am aghaidh, ag ràdh, Shaor mo làmh fhèin mi.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan