Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 8:28

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Phàraoh, Leigidh mi dhuibh imeachd, a‑chum is gun ìobair sibh don Tighearna ur Dia anns an fhàsach; ach na rachaibh ro‑fhada air astar: guidhibh air mo shon-sa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair an rìgh, agus thubhairt e ris an duine le Dia, Aslaich a‑nis gnùis an Tighearna do Dhia, agus dèan ùrnaigh air mo shon, a‑chum gun aisigear mo làmh dhomh a‑rìs. Agus dh’aslaich an duine le Dia gnùis an Tighearna, agus dh’aisigeadh làmh an rìgh dha a‑rìs, agus bha i mar air tùs.

A‑chum gun toir iad seachad tabhartasan deagh-bholaidh do Dhia nèimh, agus gun dèan iad ùrnaigh airson beatha an rìgh agus a mhac.

A‑nis uime sin maith, guidheam ort, mo pheacadh a‑mhàin an uair seo, agus guidhibh air an Tighearna ur Dia gun toir e air falbh uam a‑mhàin am bàs seo.

Agus is deimhinn leam nach leig rìgh na h‑Eiphit leibh imeachd, cha leig eadhon le làimh làidir.

Agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, air chor is nach d’èisd e riu; mar a thubhairt an Tighearna.

Ach nuair a chunnaic Phàraoh gu robh fois ann, chruadhaich e a chridhe, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna.

Agus thubhairt Maois, Feuch, thèid mise a‑mach uat, agus guidhidh mi air an Tighearna gum falbh na cuileagan o Phàraoh, o a sheirbhisich, agus o a shluagh, a‑màireach: ach na buineadh Phàraoh gu cealgach tuilleadh, ann an diùltadh leigeadh don t‑sluagh dol a dh’ìobradh don Tighearna.

An sin ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Guidhibh air an Tighearna gun toir e air falbh na losgannan uam fhèin, agus om shluagh; agus leigidh mise leis an t‑sluagh imeachd, a‑chum is gun ìobair iad don Tighearna.

Guidhibh-se air an Tighearna (oir is leòr e) nach bi tàirneanach anabarrach agus clach-mheallain ann nas mò; agus leigidh mise leibh falbh, agus chan fhan sibh nas fhaide.

An nì a bha ann, dh’ainmicheadh e cheana, agus tha fhios gum b’e duine e, agus nach urrainn e gleacadh ris-san as treasa na e fhèin.

Agus thubhairt iad ri Ieremiah am fàidh, Biodh ar n‑athchuinge, guidheamaid ort, taitneach ann ad làthair, agus dèan ùrnaigh air ar son ris an Tighearna do Dhia, eadhon airson an iarmaid seo uile (oir cha d’fhàgadh dhinn ach beagan de mhòran, mar tha do shùilean gar faicinn),

Tha an cridhe air a roinn; a‑nis gheibhear ciontach iad: brisidh esan sìos an altairean: sgriosaidh e an dealbhan.

An sin fhreagair Sìmon, agus thubhairt e, Guidhibh-se an Tighearna air mo shon, nach tig aon de na nithean sin a thubhairt sibh orm.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan