Agus, mar an ceudna, thèid ar sprèidh maille rinn; chan fhàgar ionga nar dèidh, oir is èiginn dhuinn gabhail dhiubh gu seirbhis a dhèanamh don Tighearna ar Dia; agus chan eil fhios againn cia leis a nì sinn seirbhis don Tighearna, gus an tig sinn an sin.
Agus thubhairt e, Bidh mise gu cinnteach leat; agus bidh seo na chomharradh dhut, gun do chuir mise uam thu: nuair a bheir thu a‑mach an sluagh as an Eiphit, nì sibh adhradh do Dhia air an t‑sliabh seo.
Agus èisdidh iadsan rid ghuth; agus thèid thu fhèin, agus seanairean Israeil, gu rìgh na h‑Eiphit, agus their sibh ris, Choinnich an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, sinne: agus a‑nise leig dhuinn, guidheamaid ort, dol astar trì làithean don fhàsach a‑chum is gun ìobair sinn don Tighearna ar Dia.
Coimhead thusa an nì a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh: Feuch, fuadaichidh mi a‑mach romhad an t‑Amorach, agus an Canàanach, agus an t‑Hiteach, agus am Peridseach, agus an t‑Hibheach, agus an t‑Iebusach.
Agus na dhèidh sin chaidh Maois agus Aaron a‑steach, agus thubhairt iad ri Phàraoh, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun glèidh iad fèill dhòmhsa anns an fhàsach.
Agus thubhairt iad, Dh’fhoillsich Dia nan Eabhraidheach e fhèin dhuinne: leig leinn, guidheamaid ort, dol astar trì làithean don fhàsach, a‑chum is gun ìobair sinn don Tighearna ar Dia, air eagal gum buail e sinn le plàigh, no leis a’ chlaidheamh.
Agus ghabh Nàdab agus Abihu, mic Aaroin, gach fear dhiubh a thùiseir, agus chuir iad teine ann, agus chuir iad tùis air, agus thug iad suas am fianais an Tighearna teine coimheach, nach d’àithn e dhaibh.