Ecsodus 8:26Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt Maois, Chan eil e iomchaidh sinn a dhèanamh mar sin; oir ìobraidh sinn gràinealachd nan Eiphiteach don Tighearna ar Dia. Feuch, an ìobair sinne gràinealachd nan Eiphiteach fa chomhair an sùl, agus nach clach iad sinn? Faic an caibideil |
Agus nuair a rinneadh na nithean sin, thàinig na h‑uachdarain am ionnsaigh ag ràdh, Cha do dhealaich sluagh Israeil, agus na sagartan, agus na Lèbhithich iad fhèin o shluagh na tìre, a’ dèanamh a rèir an gràinealachd, eadhon nan Canàanach, nan Hiteach, nam Peridseach, nan Iebusach, nan Amonach, nam Mòabach, nan Eiphiteach, agus nan Amorach.
Agus chan eil aon neach a’ toirt fa‑near na chridhe, cha mhò a tha eòlas no tuigse aige gu a ràdh, Loisg mi cuid dheth as an teine, dheasaich mi fòs aran air èibhlean dheth; ròist mi feòil agus dh’ith mi, agus an dèan mi am fuidheall dheth na ghràinealachd? An crom mi mi fhèin sìos do bhun craoibhe?