Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 8:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn an Tighearna mar sin: agus thàinig sgaoth anabarrach chuileag do thaigh Phàraoh, agus do thaighean a sheirbhiseach, agus do thìr na h‑Eiphit uile: thruailleadh an talamh a‑thaobh nan cuileag.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Labhair e, agus thàinig iomadh gnè chuileag agus mialan nan crìochan uile.

A chuir e nam measg iomadh gnè chuileag a dh’ith suas iad, agus losgainn a sgrios iad;

Agus chruinnich iad ri chèile nan dùin iad; agus lobh an tìr.

Ach mura leig thu lem shluagh imeachd, feuch, cuiridh mi sgaoth chuileag ort fhèin, agus air do sheirbhisich, agus air do shluagh, agus ann ad thaighean: agus lìonar taighean nan Eiphiteach leis an sgaoth chuileag, agus mar an ceudna an talamh air a bheil iad.

Agus cuiridh mi dealachadh eadar mo shluagh-sa agus do shluagh-sa: air an là màireach bidh an comharradh seo.

Agus thèid na losgannan suas ort fhèin, agus air do shluagh, agus air do sheirbhisich uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan