An sin thubhairt Elisa, Eisdibh ri facal an Tighearna: Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Mun tràth seo a‑màireach reicear tomhas eòrna air secel ann an geata Shamaria.
Agus èisdidh iadsan rid ghuth; agus thèid thu fhèin, agus seanairean Israeil, gu rìgh na h‑Eiphit, agus their sibh ris, Choinnich an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, sinne: agus a‑nise leig dhuinn, guidheamaid ort, dol astar trì làithean don fhàsach a‑chum is gun ìobair sinn don Tighearna ar Dia.
Agus cuiridh mi air leth, air an là sin fhèin, fearann Ghòsein, anns a bheil mo shluagh a chòmhnaidh, air chor is nach bi cuileagan sam bith an sin; a‑chum is gum bi fhios agad gur mise an Tighearna ann am meadhon na talmhainn.
Agus rinn an Tighearna mar sin: agus thàinig sgaoth anabarrach chuileag do thaigh Phàraoh, agus do thaighean a sheirbhiseach, agus do thìr na h‑Eiphit uile: thruailleadh an talamh a‑thaobh nan cuileag.