Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 8:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cuiridh mi air leth, air an là sin fhèin, fearann Ghòsein, anns a bheil mo shluagh a chòmhnaidh, air chor is nach bi cuileagan sam bith an sin; a‑chum is gum bi fhios agad gur mise an Tighearna ann am meadhon na talmhainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Gun abair sibhse, Bu luchd-sprèidhe do sheirbhisich o ar n‑òige eadhon gus a‑nis, sinn fhèin agus mar an ceudna ar n‑athraichean; a‑chum is gun gabh sibh còmhnaidh ann am fearann Ghòsein, oir is gràinealachd do na h‑Eiphitich gach buachaille sprèidhe.

Slat-shuaicheantais do chumhachd cuiridh an Tighearna a‑mach à Sion; bi thusa ad uachdaran am meadhon do naimhdean.

Oir is e Dia mo rìgh o chian, ag obrachadh slàinte am meadhon na talmhainn.

Chan fhaca aon dhiubh a chèile, cha mhò a dh’èirich neach o a àite rè trì làithean: ach bha aig cloinn Israeil uile solas nan àitean-còmhnaidh.

Agus bidh an fhuil dhuibh mar chomharradh air na taighean anns a bheil sibh; agus nuair a chì mise an fhuil, thèid mi thairis oirbh, agus cha bhi a’ phlàigh oirbh a‑chum ur milleadh nuair a bhuaileas mi tìr na h‑Eiphit.

A‑nis matà, ma dh’èisdeas sibh da‑rìribh rim ghuth, agus ma ghleidheas sibh mo choicheangal, an sin bidh sibh dhòmhsa nur n‑ionmhas sònraichte os cionn nan uile shluagh: oir is leamsa an talamh uile.

Oir ann an sia làithean rinn an Tighearna na nèamhan agus an talamh, an fhairge, agus gach nì a tha annta; agus ghabh e fois air an t‑seachdamh là: air an adhbhar sin, bheannaich an Tighearna là na sàbaid, agus naomhaich e e.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh. Ann an seo aithnichidh tu gur mise an Tighearna: feuch, buailidh mi leis an t‑slait a tha am làimh na h‑uisgeachan a tha anns an abhainn, agus tionndaidhear iad gu fuil.

Agus bidh fhios aig na h‑Eiphitich gur mise an Tighearna, nuair a shìneas mi a‑mach mo làmh air an Eiphit, agus a bheir mi a‑mach clann Israeil o bhith nam measg.

Agus thubhairt esan, A‑màireach. Agus thubhairt e, Biodh e a rèir d’fhacail: a‑chum is gum bi fhios agad nach eil neach ann cosmhail ris an Tighearna ar Dia.

Ach mura leig thu lem shluagh imeachd, feuch, cuiridh mi sgaoth chuileag ort fhèin, agus air do sheirbhisich, agus air do shluagh, agus ann ad thaighean: agus lìonar taighean nan Eiphiteach leis an sgaoth chuileag, agus mar an ceudna an talamh air a bheil iad.

Agus cuiridh mi dealachadh eadar mo shluagh-sa agus do shluagh-sa: air an là màireach bidh an comharradh seo.

A‑mhàin ann an tìr Ghòsein, far an robh clann Israeil, cha robh clach-mheallain.

Agus thubhairt Maois ris, Cho luath is a thèid mise a‑mach as a’ bhaile, sìnidh mì mo làmhan a‑mach a‑chum an Tighearna: agus sguiridh an tàirneanach, agus cha bhi a’ chlach-mheallain ann nas mò; a‑chum is gum bi fhios agad gur leis an Tighearna an talamh.

Agus cuiridh an Tighearna dealachadh eadar sprèidh Israeil, agus chan fhaigh a’ bheag bàs a dh’aon nì as le cloinn Israeil.

Agus rinn an Tighearna an nì sin air an là màireach, agus fhuair sprèidh na h‑Eiphit uile bàs: ach de sprèidh chloinn Israeil cha d’fhuair a h‑aon bàs.

Mar seo nì mise breitheanais anns an Eiphit: agus aithnichidh iad gur mi an Tighearna.

An sin tillidh sibhse, agus chì sibh an dealachadh eadar am fìrean agus an t‑aingidh; eadar an tì a tha a’ dèanamh seirbhis do Dhia, agus an tì nach eil ri seirbhis dha idir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan