Agus anns a’ mhadainn bha a spiorad air a bhuaireadh; agus chuir e fios uaithe, agus ghairm e uile dhraoidhean na h‑Eiphit, agus a daoine glice uile: agus dh’innis Phàraoh a aislingean dhaibh; ach cha robh neach ann a dh’eadar-mhìnicheadh iad do Phàraoh.
An sin ghairm Phàraoh mar an ceudna air na daoine glice, agus air an luchd-fiosachd: agus rinn mar an ceudna draoidhean na h‑Eiphit mar sin len draoidheachdan:
Càit a bheil iad? Cia iad do dhaoine glice? Innseadh iad dhut a‑nis, agus cuireadh iad an cèill, ciod i comhairle Tighearna nan sluagh a‑thaobh na h‑Eiphit.
An sin thàinig a‑steach na draoidhean, na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean: agus dh’innis mi am bruadar nan làthair; ach cha tug iad fios dhomh air a bhrìgh.