Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 8:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach nuair a chunnaic Phàraoh gu robh fois ann, chruadhaich e a chridhe, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Agus dh’innseadh do rìgh na h‑Eiphit gun do theich an sluagh: agus thionndaidh cridhe Phàraoh agus a sheirbhiseach an aghaidh an t‑sluaigh, agus thubhairt iad, Ciod e seo a rinn sinn, gun do leig sinn le Israel imeachd as ar seirbhis?

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Nuair a dh’imicheas tu a‑chum tilleadh don Eiphit, thoir an aire gun dèan thu na h‑iongantasan sin uile, a chuir mise ann ad làimh, am fianais Phàraoh: ach cruadhaichidh mise a chridhe, agus cha leig e leis an t‑sluagh imeachd.

Agus chan èisd Phàraoh ribh, agus leagaidh mise mo làmh air an Eiphit, agus bheir mi a‑mach m’armailtean, agus mo shluagh, clann Israeil, à tìr na h‑Eiphit, le breitheanais mhòra.

Agus chruinnich iad ri chèile nan dùin iad; agus lobh an tìr.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Abair ri Aaron, Sìn a‑mach do shlat, agus buail duslach na talmhainn, a‑chum gum fàs e na mhialan air feadh tìr na h‑Eiphit uile.

Agus thubhairt Phàraoh, Leigidh mi dhuibh imeachd, a‑chum is gun ìobair sibh don Tighearna ur Dia anns an fhàsach; ach na rachaibh ro‑fhada air astar: guidhibh air mo shon-sa.

Agus thubhairt Maois, Feuch, thèid mise a‑mach uat, agus guidhidh mi air an Tighearna gum falbh na cuileagan o Phàraoh, o a sheirbhisich, agus o a shluagh, a‑màireach: ach na buineadh Phàraoh gu cealgach tuilleadh, ann an diùltadh leigeadh don t‑sluagh dol a dh’ìobradh don Tighearna.

Agus chruadhaich Phàraoh a chridhe air an àm seo mar an ceudna, agus cha do leig e leis an t‑sluagh imeachd.

An sin ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Guidhibh air an Tighearna gun toir e air falbh na losgannan uam fhèin, agus om shluagh; agus leigidh mise leis an t‑sluagh imeachd, a‑chum is gun ìobair iad don Tighearna.

Mar a thilleas madadh a‑chum a sgeith fhèin, tillidh amadan a‑chum a amaideachd fhèin.

Am fear a chronaichear gu minig, gidheadh a chruadhaicheas a mhuineal, sgriosar e gu h‑obann, agus sin gun leigheas.

A chionn nach eil binn an aghaidh droch obrach ga cur an gnìomh gu luath, uime sin tha cridhe clann nan daoine làn-shuidhichte air olc a dhèanamh.

Nochd tròcair don aingidh, gidheadh chan fhòghlaim e fìreantachd; ann an tìr an ionracais buinidh e gu fealltach; agus cha toir e fa‑near mòralachd an Tighearna.

Ciod a nì mi riut, O Ephraim? Ciod a nì mi riutsa, O Iùdah? Oir tha ur maitheas mar neul maidne, agus mar an drùchd moch, a shiùbhlas air falbh.

Am feadh a theirear, An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ur cridhe, mar anns a’ bhrosnachadh.

Na cruadhaichibh ur cridhe, mar anns a’ bhrosnachadh, ann an là a’ bhuairidh anns an fhàsach:

Agus bha daoine air an losgadh le teas mòr, agus thug iad toibheum do ainm Dhè, aig a bheil cumhachd air na plàighean sin: agus cha do rinn iad aithreachas, a‑chum glòir a thoirt dhàsan.

Agus ghabh na mairt an rathad dìreach gu slighe Bhet-semeis; air an rathad mhòr dh’imich iad, a’ geumnaich mar a dh’imich iad, agus cha do thionndaidh iad a lethtaobh a dh’ionnsaigh na làimhe deise no na làimhe clìthe; agus chaidh tighearnan nam Philisteach nan dèidh gu crìch Bhet-semeis.

Agus thubhairt iadsan, Ma chuireas sibh air falbh àirc Dia Israeil, na cuiribh uaibh falamh i; ach air gach uile chor ìocaibh dha tabhartas-easaontais: an sin slànaichear sibh, agus bidh fhios agaibh carson nach do thill a làmh uaibh.

Carson uime sin a chruadhaicheas sibh ur cridhe, mar a chruadhaich na h‑Eiphitich agus Phàraoh an cridhe, nuair a rinn e gu h‑iongantach nam measg, nach do leig iad an sluagh air falbh, agus dh’imich iad?

Agus chì sibh, ma thèid i suas rathad a crìche fhèin gu Bet-semes, an sin rinn e an t‑olc mòr seo oirnn: ach mura tèid, an sin bidh fhios againn nach i a làmh-san a bhuail sinn; is tuiteamas a thàinig oirnn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan