Agus ghabh iad an tarbh òg a thugadh dhaibh, agus dheasaich iad e, agus ghairm iad air ainm Bhàail o mhadainn eadhon gu meadhon-là, ag ràdh, A Bhàail, èisd rinne! Ach cha robh guth, no neach air bith a fhreagradh ann: agus leum iad air an altair a rinn iad.
Agus nuair a chaidh meadhon-là thairis, agus a rinn iad fàidheadaireachd gu àm toirt suas na h‑ìobairt fheasgair, cha robh guth ann, no aon air bith a fhreagradh, no a bheireadh fa‑near iad.
Agus fhuair an t‑iasg a bha anns an abhainn bàs: agus lobh an abhainn, agus cha b’urrainn na h‑Eiphitich uisge òl as an abhainn, agus bha an fhuil ann an tìr na h‑Eiphit uile.
Agus rinn an Tighearna mar sin: agus thàinig sgaoth anabarrach chuileag do thaigh Phàraoh, agus do thaighean a sheirbhiseach, agus do thìr na h‑Eiphit uile: thruailleadh an talamh a‑thaobh nan cuileag.
Gu cinnteach is amadain ceannardan Shòain; thug comhairlichean glice Phàraoh comhairle mhì-chèillidh; cionnas a their sibh ri Phàraoh, Is mise mac nan daoine glice, mac nan rìghrean a bha ann o chian?
Oir tha fearg air an Tighearna an aghaidh nan cinneach uile; agus corraich an aghaidh an slògh uile; chuir e as dhaibh, thug e thairis iad a‑chum casgairt.
Agus tàrlaidh air an là sin gun toir mise do Ghog an sin àite airson uaighean ann an Israel, gleann an luchd-siubhail air taobh an ear na fairge; agus bacaidh e an luchd-siubhail: agus an sin adhlaicidh iad Gog agus a shluagh uile; agus goiridh iad ris, Gleann sluagh Ghog.
Ach atharraichidh mi am fad uaibh feachd na h‑àird a tuath, agus fògraidh mi e gu fearann falamh fàsail, a thoiseach gus an fhairge an ear, agus a dheireadh gus an fhairge an iar; agus thig a bhrèine a‑nìos, agus èiridh a dhroch fhàile, a chionn gun do mhaoidh e nithean mòra.