Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 8:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh Maois agus Aaron a‑mach o Phàraoh; agus dh’èigh Maois ris an Tighearna a‑thaobh nan losgann, a thug e an aghaidh Phàraoh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Labhair e, agus thàinig iomadh gnè chuileag agus mialan nan crìochan uile.

Agus chaidh e a‑mach o Phàraoh, agus ghuidh e air an Tighearna.

Agus ghuidh Maois air an Tighearna a Dhia, agus thubhairt e, Carson, a Thighearna, a tha do chorraich a’ lasadh an aghaidh do shluaigh, a thug thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit le cumhachd mòr, agus le làimh thrèin?

Agus rinn an Tighearna a rèir facal Mhaois: agus bhàsaich na losgannan as na taighean, as na bailtean, agus as na machraichean.

Agus chaidh Maois a‑mach o Phàraoh, agus ghuidh e air an Tighearna.

An sin ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Guidhibh air an Tighearna gun toir e air falbh na losgannan uam fhèin, agus om shluagh; agus leigidh mise leis an t‑sluagh imeachd, a‑chum is gun ìobair iad don Tighearna.

Agus chaidh Maois a‑mach o Phàraoh as a’ bhaile, agus shìn e a‑mach a làmhan a‑chum an Tighearna; agus sguir an tàirneanach agus a’ chlach-mheallain, agus cha do dhòirteadh an t‑uisge air an talamh.

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Bidh mise fhathast air m’iarraidh anns an nì seo le taigh Israeil, a‑chum a dhèanamh air an son; nì mi lìonmhor iad le daoine mar threud.

Ach air mo shon-sa, nar leigeadh Dia gum peacaichinn an aghaidh an Tighearna, le sgur de dhèanamh ùrnaigh air ur son: ach teagaisgidh mi dhuibh an t‑slighe mhath agus cheart.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan