Nuair a labhras Phàraoh ribh, ag ràdh, Nochdaibh iongantas air ur son fhèin; an sin their thu ri Aaron, Gabh do shlat, agus tilg sìos i an làthair Phàraoh, agus fàsaidh i na nathair.
Agus shìn Maois a‑mach a shlat thar tìr na h‑Eiphit, agus thug an Tighearna gaoth an ear air an tìr rè an là sin uile, agus rè na h‑oidhche uile: agus anns a’ mhadainn thug a’ ghaoth an ear a‑steach na lòcaist.
Agus shìn Maois a‑mach a shlat gu nèamh; agus rinn an Tighearna tàirneanach agus clach-mheallain, agus ruith tein-adhair air uachdar na talmhainn; agus fhras an Tighearna clach-mheallain air tìr na h‑Eiphit.
Labhair agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise ad aghaidh, O Phàraoh, a rìgh na h‑Eiphit, an uabheist mhòr a tha na laighe ann am meadhon a aibhnichean fhèin, a thubhairt, Is leam fhèin m’abhainn, rinn mi air mo shon fhèin i.
Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Tha ginealach olc agus adhaltranach ag iarraidh comharraidh, agus cha toirear comharradh dhaibh, ach comharradh an fhàidh Iònas.
Ach ma nì, ged nach creid sibh mise, creidibh na h‑obraichean, a‑chum gum bi fhios agaibh, agus gun creid sibh gu bheil an t‑Athair annamsa, agus mise annsan.